Wednesday, 30 November 2016 18:46

BREXIT: MÌ-CHINNT AIRSON NA GÀIDHLIG

Written by

Dh’fhaodadh Brexit ciallachadh gum bi call de dheicheadan de mhilleanan a tha a’ tighinn bhon Aonaidh Eòrpach agus a tha air taic agus brosnachadh a thoirt don Ghàidhlig, thuirt cuid de bhuill Thar Phartaidh na Gàidhlig an-diugh.



Tha maoineachadh Eòrpach – €174 airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 2013-17 agus coltas gun tig an aon shuim airgid eadar 2014-2020 – air buaidh dhìreach a thoirt air coimhearsnachdan Gàidhlig, tro phròiseactan leithid ERASMUS+, agus gu neo-dhìreach le taic-airgid don eaconamaidh ionadail agus do bhun-structaran.

Tha an European Language Equality Network (ELEN) air a ràdh gu feum “eaconamaidh làidir a tha comasach air obraichean a chruthachadh do choimhearsnachd nam mion-chànain a bhith ann gus nach caill na coimhearsnachdan seo luchd-labhairt ma dh’fhalbhas iad a lorg obair agus taighean aig prìs reusanta.”

Thuirt Cathraiche Thar Phartaidh na Gàidhlig agus BPA airson an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, Kate Forbes:

“Sheall aithisg ann an 2014 gu faodadh luach eacanomaigeach de £150m gach bliadhna a bhith aig a’ Ghàidhlig do dh’eaconomaidh na h-Alba. Cha bu chòir dhuinn meas ro ìosail a chuir air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann nan gabhadh na deicheadan de mhilleanan de mhaoin Structurach Eòrpach a thoirt air falbh bho rud a tha prìseil do chultar na h-Alba.

“Tha neart na Gàidhlig san am ri teachd ceangailte gu làidir air fallaineachd an eaconamaidh far a bheil i ga bruidhinn. Tha maoineachadh structarach air cuideachadh a thoirt do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd is na h-Eileanan agus air obraichean a chruthachadh do luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus thèid barrachd sluagh is luchd-bruidhinn na Gàidhlig a chumail sna h-àitean sin mar thoradh air an sin.

“Tha rathaidean, drochaidean, aiseagan agus calaidhean air feadh an roinn-phàrlamaid agamsa air buannachd fhaighinn bho mhaoin Eòrpach. Ge bith ciamar a shiùbhlas tu chun cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach – bidh sibh air ur cuairteachadh le bun-structaran a th’ air taic fhaighinn bhon European Regional Development Fund (ERDF). Tha an colaiste fhèin air maoin Eòrpach fhaighinn airson ionadan nam meadhanan agus leasachadh na Cille Bige, gun ach ag ainmeachadh na dhà.

“Bhòt daoine òga gu seach àraid gus fuireach san Roinn Eòrpa, agus gu dearbha tha mise a’ creidsinn gu bheil am ballrachd a’ toirt chothroman a bhith a’ co-roinn fiosrachaidh agus a’ cruthachadh lìonraidhean. "Tha mi a’ deanamh fiuthar ris a’ chuairt-dheireannach de Dheasbad nan Sgoiltean ann an Dùn Èideann a-nochd, oidhche far an tog ar n-òigridh ar misneachd mun a’ Ghàidhlig. Dearbhaidh mi fhèin gu bheil an SNP a’ cur romhpa a bhith a’ strì gus còraichean daonna agus na buannachdan a th’ againn mar phàirt den Roinn Eòrpa a dhìon - rudan a’ bhòt sinn cumail san Ògmhios.”

CRÌOCH

NOTAICHEAN
http://www.parliament.scot/ResearchBriefingsAndFactsheets/S5/SB_16-89_European_Union_Funding_in_Scotland_2014-2020.pdf
https://elen.ngo/2016/06/20/an-open-letter-llythyr-agored-lyther-ygor-litir-oscailte-our-language-communities-benefit-from-our-membership-of-the-european-union/
2014 report evidencing that Gaelic can generate up to £148.5m a year for the economy
http://www.cne-siar.gov.uk/cxdir/executiveoffice/corporatepolicy/edic/articles/150611a.asp
Link to English translation - https://gallery.mailchimp.com/4fae14f57a18ee08253ffc251/files/BREXIT_RISK_TO_SUPPORT_FOR_GAELIC.docx

Support the HSDP

funding

Helensburgh Seafront Development Project is about saving and restoring the pier. It is also about developing the west bay - YOUR SUPPORT IS NEEDED!. There are 2 pdfs you can download from the downloads link above. Or, you can visit the Facebook page of the HSDP

EF Logo 01
Didyou know that whenever you buy anything online – from your weekly shop to your annual holiday – you could be raising a free donation for Helensburgh SNP?
There are nearly 3,000 retailers including Amazon, John Lewis, Aviva, thetrainline and Sainsbury’s, who will donate a percentage of the amount you spend to Helensburgh SNP to say thank you for shopping with them.
It’s really simple, and doesn’t cost you anything. All you have to do to join is: Click Here
easyfundraising LogoWall 500x400 3

     If you would like to support Helensburgh SNP please donate by clicking on the button below

FoodbankFood Needed by the Foodbank Nov Dec 2017